en fy eu mk sl ga

Rody Gorman

2018-04-05 16:58 — Maribor, Slovenia

5, 6, 7, 8

air an Fhaoilinn Dihaoine na Ceusta

ri siubhal an lòin mar a h-uile mac latha,

spàg-ri-tòin is tunnag-ghleusta

on the shore at Faoilinn on Good Friday, deathjourneylooking for sustenance like every day, a little grebe and a velvet scoter

 

na fèidh gu h-ìseal a’ falbh nan greigh

sìos bhon ghaoith far Cruachan na Fèithe Seilich

is an talamh fodham fhathast fon deigh

the wild-deer down there going away off as a cleg-herd down wind from the summit of Cruachan na Fèithe Seilich and the ground beneath me still under ice

 

far an rachamaid gus na smeuran a spìonadh

tiotan aig deireadh an t-samhraidh,

chì mi bhuam an Fhaoilinn a’ lìonadh

from where we used to go picking brambles for a while at the end of summer I see over there the tide coming in on the shore at Faoilinn

 

caora na cairbh

air Cùl nan Cnoc anns an fhraoch

agus mu mo chasan de chac-tairbh

the carcase of a sheep on the hill at Cùl nan Cnoc in the furyheather and around my feet all those bullpats